
Foillseachadh Amsterdam 2022
Is ann cho sean ri sìobhaltachd a tha luachan daonnaireach agus chithear iad ann an eachdraidh nan sòisealtasan air feadh an t-saoghail. Dh’fhàs an daonnaireachd a th’ againn an-diugh bho na freumhan seo – dualchasan fada de reusanachadh mu chiall is mu bheusalachd, eadar-fhighte le saidheans, agus a’ brosnachadh iomadh feallsanaiche, neach-ealain agus gràdhaiche-daonna. Mar iomairt dhaonnaireach eadar-nàiseanta, feuchaidh sinn na prionnsabalan a leanas a thoirt gu aire nan daoine uile:
1. Ag amas air beusalachd
- Tha sinn ag aithneachadh gu bheil moraltachd na phàirt inntrinsigeach de nàdar na daonnachd, stèidhichte air a’ chomas fulaing agus blàthachaidh a th’ aig gach nì a tha beò, air a cur air chois le reusanachadh agus le truacantas, gun tùs sam bith taobh a-muigh cinne-daonna.
- Tha sinn a’ dearbhadh luach agus inbheachd gach neach fa-leth, agus còir gach duine gu saorsa as motha nach dèan cron air còraichean chàich. Mar sin dheth, bheir sinn taic do shìth, do dheamocrasaidh, do cheannas an lagha agus do chòirichean daonna uile-choitcheann.
- Tha sinn a’ diùltadh a h-uile seòrsa gràine-cinnidh is claon-bhreithe agus na h-ana-ceartasan a thig bhuapa. Nan àite, feuchaidh sinn blàthachadh agus companas cinne-daonna air fad na iomadachd agus na fa-leathachas a bhrosnachadh.
- ’S i ar barail gum feum saorsa phearsanta a cho-cheangail ri dleastanas don t-sluagh. Tha dleastanas do chàch aig gach neach a tha saor, nam measg do ghinealaichean ri thighinn, agus thar sin do chreutair bheò sam bith.
- Tha sinn ag aithneachadh gur pàirt de nàdar a th’ annainn, agus gabhaidh sinn ri ar dleastanas airson na buaidh a bhios againn air a’ chòrr den t-saoghal nàdarra.
2. Ag amas air reusanachadh
- Tha sinn cinnteach gur ann an reusanachadh agus gnìomh mic an duine a lorgar fuasglaidhean do dhuilgheadasan an t-saoghail. Molaidh sinn gun cleachdar saidheans agus rannsachadh saor air na ceistean seo, a’ cumail an cuimhne nach e saidheans ach an dòigh obrach, fhad ’s a tha luachan mic an duine a’ dealbhadh a’ chinn-uidhe. ’S e ar n-amas saidheans agus teicneòlas a chleachdadh gus sunnd mic an duine a leasachadh, seach gu cruaidh-chridheach no gu millteach.
3. Ag amas air sàsachadh nam beatha
- Tha sinn a’ measadh gach tùs tlachd agus sàsachaidh fa-leth, nach dèan cron do chàch, luachmhor, agus ’s e ar beachd gur e oidhirp fhad-bheatha a th’ ann an leasachadh beatha cruthachail beusanta.
- Air an adhbhar sin, cuiridh sinn luach air cruthachas ealanta is air mac-meanmna agus aithnichidh sinn cumhachd cruth-atharrachaidh a bhios aig litreachas, ceòl, na h-ealain thaisbeanail agus na h-ealain lèirsinneach. Blàthaichidh sinn bòidhchead an t-saoghail nàdarra agus mar a bheireas e iongantas, fiamh agus sàmhchair. Molaidh sinn spàirn fhiosaigeach, fa-leth agus còmhla, agus mar a thairgse seo cothroman càirdeis agus coileanais. Miadhaichidh sinn tòireadh eòlais, agus mar a bheireas e irioslachd, gliocas agus lèirsinn dhuinn.
4. Freagraidh Daonnaireachd dhan iarrtas fharsaing gum biodh roghainn eile ann seach creideamh dìorrasach, nàiseantachd aintighearnail, gràin-chreideimh threubhach, agus fèinealachd gun bhrìgh.
- Ged a tha sinn a’ creidsinn gum mair cudromachd sunnd mic an duine gu bràth tuilleadh, chan eil ar beachdan fhèin stèidhichte air taisbeanaidhean nach gabh atharrachadh a-chaoidh. Aithnichidh Daonnairean nach eil duine sam bith do-mhearachdach, agus gun èirigh fiosrachadh mun t-saoghal agus mu ar deidhinn fhèin bho phròiseas leantainneach geur-sgrùdaidh, ionnsachaidh agus ath-obrach.
- Air na h-adhbharan seo, chan iarr sinn ceasnachadh a sheachnadh no ar sealladh a chur air mac an duine air fad. Air a’ chaochladh, tha sinn an geall air còmhradh gun chuingealachadh gus beachdan a cho-roinneadh ach an co-obrachadh a h-uile duine aig a bheil an aon luachan, ged a bhiodh creideamhan eadar-dhealaichte aca, le saoghal nas fheàrr mar cheann-uidhe dhuinn uile.
- Tha sinn cinnteach gun urrainn do mhac an duine fuasgladh a lorg air na duilgheadasan a tha romhainn, tro sgrùdadh gun chuingealachadh, tro shaidheans, tro cho-fhaireachdainn agus tro mhac-meanmna, uile an tòir air sìth agus air blàthachadh nan daoine.
- Tha sinn a’ gairm air na h-uile a dh’aontaicheas a thighinn a ghabhail pàirt anns an iomairt bhrosnachail a tha seo còmhla rinn.
Scots Gaelic translation of the Amsterdam Declaration 2022 by John Howieson